Letra da Música Mo Run Geal Og de Flora MacNeil

Que bom que você chegou até aqui!
Veja abaixo a letra da música que separamos para você!

Música em MP3
Och a Thearlaich og Stiubhart
'Se do chuis rinn mo leireadh
Thug thu 'uam gach ni bh'agam
Ann an cogadh 'nad aobhar
Cha chrodh is cha chaoraich
Tha mi 'caoidh ach mo cheile
O'n la dh'fhag e mi 'm aonar
Gun sion san t-saoghal ach leine
Mo run geal og

Bu tu fear mor bu mhath cumadh
O do mhullach gu d' bhrogan
Tha do shlios mar an eala
'S bias na meala air do phogan
D'fhalt dualach donn lurach
Mu do mhuineal an ordugh
'Se gu camalubach cuimir
Gach aon toit urram d'a bhoidhchead
Mo run geal og

Bu tu 'm fear slinneanach, leathann
Bu chaoile meadhan 's bu dhealbhaich
Cha b' e taillear gun eolas
A dheanadh cota math gearra dhut
No dheanadh dhut triubhais
Gun bhith cumhang no gann dhut
Mar gheala-bhradain do chasan
Led ghearr-osan mud chalpa
Mo run geal og

Bu tu iasgair na h-abhann
'S tric a thaghaich thu fein i
Agus sealgair a'mhonaidh
Biodh do ghun' air dheadh ghleusadh
Bu bhinn leam tathunn do chuilein'
Bheireadh fuil air mac eilde
As do laimh bu mhor m' earbsa
Gur tric a mharbh thu le cheil' iad
Mo run geal og

Mo run geal og

Bu tu poitear na dibhe
'N am suidhe 's tigh-osda
Co b'e dh'oladh 's tu phaigheadh
Ged 'thuiteadh cach mu na bordaibh
Bhi air mhisg cha b' e b' fhiu leat
'S cha d' ionnsaich thu og e
'S cha d'iarr thu riamh muthadh
Air chul do mhna-posda
Mo run geal og

'S ioma ban-tighearna riomhach
Le 'n sioda 'gus sroltaibh
D' an robh mis a'm' chuis fharmaid
Chionn gu'n tairgeadh tu pog dhomh
Ach ged a bhithinn cho sealbhar
'S gu'm b' leam airgead Hanobhar
Bheirinn cnac anns na h-aith'ntan
Na'n diultadh cach dhomh do
Mo run geal og

Och nan och, gur mi bochdag
'S mi lan osnaich an comhnaidh
Chaill mi duil ri thu thighinn
Thuit mo chridhe gu dortadh
Cha tog fidheall no clarsach
Piob no taileasg no ceol e
Nis o chuir iad thu'n tasgadh
Cha duisg caidreabh duin' oig mi
Mo run geal og

Outras Músicas de Flora MacNeil

Conheça aqui outras músicas de Flora MacNeil que você poderá gostar.

Baixar Música Mo Run Geal Og (Flora MacNeil) em MP3

Você pode baixar (fazer o download) ou ouvir diretamente a música Mo Run Geal Og de Flora MacNeil no seu celular ou computador através do player abaixo.

Ouvir "Mo Run Geal Og"
na Amazon Music Unlimited
Ouvir "Mo Run Geal Og"
na Amazon Music Unlimited
Baixar Música Agora!

Ficha Técnica da Música Mo Run Geal Og

Número de Palavras287
Número de Letras1992
IntérpreteFlora MacNeil

Na tabela acima você vai encontrar dados técnicos sobre a letra da música Mo Run Geal Og de Flora MacNeil.

Amazon Music Unlimited