Letra da Música Cha B'e Direadh a' Bhruthaich de Flora MacNeil

Que bom que você chegou até aqui!
Veja abaixo a letra da música que separamos para você!

Música em MP3
Cha b'e dìreadh a' bhruthaich
Dh'fhàg mo shiubhal gun treòir
Na teas ri là gréineadh
Nuair a dh'éireadh I oirnn

Na teas ri là gréineadh
Nuair a dh'éireadh I oirnn
Gu bheil moill' air mo léirsinn
'S cha léir dhomh ceum ròid

Gu bheil moill' air mo léirsinn
'S cha léir dhomh ceum ròid
Cha léir dhomh ni 's fhaisge
Fiù a' bhata 'nam dhorn

Cha léir dhomh ni 's fhaisge
Fiù a' bhata 'nam dhorn
'S mi 'sa ghleannan bheag phreasach
'S mo lethcheann air lón

'S mi 'sa ghleannan bheag phreasach
'S mo lethcheann air lón
Treis air smeuran nan drùisean
Greis air bristeadh nan cnò

Treis air smeuran nan drùisean
Greis air bristeadh nan cnò
'Se mo dhubhailt mo bhreacan
'Se mo chopan mo bhròg

'Se mo dhubhailt mo bhreacan
'Se mo chopan mo bhròg
'Se mo thaigh mór gach glacan
'Se mo leabaidh gach fròig

'Se mo thaigh mór gach glacan
'Se mo leabaidh gach fròig
'S ged a dh'fhadainn-sa teine
Chì fear foille dheth ceò

'S ged a dh'fhadainn-sa teine
Chì fear foille dheth ceò
'S ged a cheannaichinn-sa buideal
Chan fhaigh mi cuideachd g'a òl

'S ged a cheannaichinn-sa buideal
Chan fhaigh mi cuideachd g'a òl
'Si do nighean-sa, dhonnchaidh
Dha'n tug mi'n tromghaol, 's mi òg

'Si do nighean-sa, dhonnchaidh
Dha'n tug mi'n tromghaol, 's mi òg
Té dha bheil an cùl dualach
O guaillean gu bròig

Té dha bheil an cùl dualach
O guaillean gu bròig
'Se sios ma da shlinnein
A's an ionad as boidhch'

'Se sios ma da shlinnein
A's an ionad as boidhch'
'S mór gu'm b'fheàrr dhut mi agad
Na aon mhac breabadair beò

'S mór gu'm b'fheàrr dhut mi agad
Na aon mhac breabadair beò
Ged nach deanainn dhut fighe
Bhiodh iasg is sitheann mu'd bhòrd

Ged nach deanainn dhut fighe
Bhiodh iasg is sitheann mu'd bhòrd
'S truagh nach robh mi 's tu, ghaolaich
Anns an aonaich 'm bi 'n ceò

'S truagh nach robh mi 's tu, ghaolaich
Anns an aonaich 'm bi 'n ceò
Ann am bùthaig bhig bharraich
'Gun bhith mar rium ach d'fheòil

Ann am bùthaig bhig bharraich
'Gun bhith mar rium ach d'fheòil
'S mi gu snàmhadh an caolas
Airson fàilteachd do bheòil

Outras Músicas de Flora MacNeil

Conheça aqui outras músicas de Flora MacNeil que você poderá gostar.

Baixar Música Cha B'e Direadh a' Bhruthaich (Flora MacNeil) em MP3

Você pode baixar (fazer o download) ou ouvir diretamente a música Cha B'e Direadh a' Bhruthaich de Flora MacNeil no seu celular ou computador através do player abaixo.

Ouvir "Cha B'e Direadh a' Bhruthaich"
na Amazon Music Unlimited
Ouvir "Cha B'e Direadh a' Bhruthaich"
na Amazon Music Unlimited
Baixar Música Agora!

Ficha Técnica da Música Cha B'e Direadh a' Bhruthaich

Número de Palavras305
Número de Letras2593
IntérpreteFlora MacNeil

Na tabela acima você vai encontrar dados técnicos sobre a letra da música Cha B'e Direadh a' Bhruthaich de Flora MacNeil.

Amazon Music Unlimited